Plana Gàidhlig SPA airson 2021-26

Closed 22 Aug 2021

Opened 7 Jul 2021

Overview

Tha Ùghdarras Poilis na h-Alba (SPA) a’ sireadh do bheachdan air an dreachd Plana Gàidhlig aige airson 2021-26.

Chaidh an dreachd phlana againn ullachadh taobh a-staigh frèam-obrach Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, agus tha e ag amas air taic a chumail ri prìomh amas Plana Nàiseanta na Gàidhlig “gum bi Gàidhlig air a cleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann an raon nas fharsainge de shuidheachaidhean ”.

Tha am Plana a’ mìneachadh nan gealltanasan a tha sinn a’ moladh gus taic a chumail ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig gus:

  • Cur ri cleachdadh na Gàidhlig
  • Cur ri ionnsachadh na Gàidhlig
  • Ìomhaigh fhàbharach a bhrosnachadh dhan Ghàidhlig

Thathar ag iarraidh air luchd-ùidh, com-pàirtichean agus air a’ phoball beachdan agus smaointean a thoirt dhuinn.

Cha toir an suirbhidh seo nas fhaide na 8 mionaidean a lìonadh.

 

Lìon an suirbhidh ann an dòigh eile

Tha tionndaidhean BSL agus 'Easy Read’ rim faighinn bho na ceanglaichean gu h-ìosal. 

Leig fios thugainn ma tha thu airson an suirbhidh a lìonadh ann an dòigh eadar-dhealaichte (mar eisimpleir, air a’ fòn). Faodaidh tu do bheachdan a chur thugainn air post-d cuideachd gu: enquiries@spa.pnn.police.uk

A’ clàradh eucoir no a’ toirt seachad fiosrachadh mu thachartas

Thoir an aire nach urrainnear eucoir a chlàradh, fios a thoirt seachad mu thachartas no taic iarraidh tron àrd-ùrlar seo. Airson faighinn a-mach mar as urrainnear fios a chur chun a’ Phoilis,  faic làrach-lìn Poileas Alba. Ma tha feum èiginneach ort, no aig cuideigin eile air a’ Phoileas, cuir fòn gu 999 sa bhad.

 

Am fiosrachadh pearsanta agad

Tha an fhreagairt agad gun urra agus cha tèid d’ aithneachadh tron fhiosrachadh a bheir thu seachad ach a-mhàin ma roghnaicheas tu d’ ainm a chur anns na freagairtean agad. Tha a h-uile ceist roghainneil, a’ ciallachadh gum faod thu am freagairt uile, cuid aca a fhreagairt no gun gin aca a fhreagairt. 

Le bhith a’ lìonadh an t-suirbhidh seo, tha thu ag aontachadh gun cleachd Ùghdarras Poilis na h-Alba (SPA) an dàta gun urra agad gus mion-sgrùdadh a dhèanamh agus gus aithris a dhèanamh a leasaicheas an t-seirbheis a tha sinn a’ toirt seachad.

Tha Ùghdarras Poilis na h-Alba gu mòr airson do phrìobhaideachd a dhìon agus tha i a' cur suim nad phrìobhaideachd. Tha pròiseasan làidir againn gus dèanamh cinnteach gun tèid dàta sam bith a bheir thu seachad a phròiseasadh agus a stòradh gu tèarainte. Cha toir sinn an dàta agaid do threas pàrtaidh sam bith uair sam bith às aonais cead a dh’aona-ghnothach bhuat. Bidh sinn cuideachadh a’ coileanadh feumalachdan Achd an Dìon Dàta (2018) (Riaghailt Coitcheann an Dìon Dàta no 'GDPR’).

 

Ma tha ceist sam bith agad

Ma tha ceist sam bith eile agad, cuir post-d gu enquiries@spa.pnn.police.uk

 

Why your views matter

Adhbhar nam planaichean Gàidhlig.

Chaidh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba air 21 Giblean 2005 le taic thar-phàrtaidh agus fhuair i Aonta Rìoghail air 1 Ògmhios 2005.

Bidh planaichean Gàidhlig a’ cuideachadh gus dèanamh cinnteach gun seas a’ Ghàidhlig agus gus cur ri iomadachd cànain na h-Alba.

Tha e mar dhleastanas oirnn co-chomhairle a chumail leis a’ phoball air an dreachd Plana Gàidhlig againn gus dèanamh cinnteach gu bheil e iomchaidh. Bheir sinn aire do na bheachdan a bheirear dhuinn mus fhoillsich sinn am plana deireannach air an làraich-lìn againn (tachraidh seo timcheall air an Dàmhair 2021).